[00:00.00] 作詞 : Julie Fowlis
[00:00.36] 作曲 : Anne Lorne Gillies
[00:00.73][An ròn:]
[00:04.92]“Mise nighean Rìgh-fo-Thuinn
[00:07.98]Fuil nan rìghrean na mo chrè -
[00:11.09]Ged a chì sibh mi nam ròn
[00:13.84]Tha mi mòrail nam thìr fhèin.
[00:18.29]“Tìr-fo-Thuinn mo dhachaigh dhùint’
[00:21.40]Innis dhùthchasach nan ròn;
[00:24.21]Caidlidh mi air leacan sàil’,
[00:27.49]Mi fhìn ’s mo bhàn-chuilean òg.”
[00:31.69]A Bhana-phrionns’ a’ chuain shiar,
[00:34.75]A bheil sgeul agad ri luaidh?
[00:37.74]Nach inns thu dhuinn mar a bha
[00:40.49]Mun do ghabh sibh tàmh sa chuan?
[00:45.17]“Chaidh na geasan a chur oirnn
[00:48.24]Rè ar beò-bhith le luchd-fuath,
[00:51.55]’S ged a tha sinn snàmh nan caol
[00:54.57]’S e nàdar daonnd’ tha dhuinn dual.
[00:59.88]“Aig tràth-marbh air oidhche fèill
[01:02.96]Tilgidh sinn ar bèin air tràigh,
[01:06.34]’S cluichidh sinn nar n-òighean suairc’
[01:09.72]A’ crathadh ar cuaillean bàn.
[01:13.60]“Ach a-nochd tha mi nam ròn
[01:17.40]Air an lic an còrs’ a’ chuain:
[01:20.26]’S e mo nàdar bhith toirt gaol,
[01:23.71]’S do chlann-daoine thug mi luaidh.”
[01:30.73][Ann an Caolas Od Odrum:]
[01:31.36]Ann an Caolas Od Odrum far an coidleadh an ròn,
[01:37.37]is far nach cluinnte guth duin’ ach fuaim tuinne ’s glog geòidh
[01:42.45]Muime 'g altram a pàistean 's i gan tàladh gu ciùin,
[01:47.86]gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain.
[01:53.92]Hion da hion do hion da odar da
[01:59.14]Hion da hion do hion da odar da
[02:04.57]Hì o dan dao, hì o dan dao,
[02:10.70]Hì o dan dao odar da, odar da
[02:17.73]Muime 'g altram a pàistean 's i gan tàladh gu ciùin,
[02:23.01]gu bheil tulgadh nan cuantan ga sìor luasgadh nan suain.
[02:28.48]An ròn rìoghail a' gusgail, 'n eala guileag ri thaobh,
[02:33.92]a' mhaighdeann-mhara ’s i bruadar anns an uaigneas air laoch.
[02:40.12]Hion da hion do hion da odar da
[02:45.53]Hion da hion do hion da odar da
[02:50.85]Hì o dan dao, hì o dan dao,
[02:56.09]Hì o dan dao odar da, odar da
[03:02.97]An ròn rìoghail a’ gusgail, ’n eala guileag ri thaobh,
[03:08.38]a’ mhaighdeann-mhara ’s i bruadar anns an uaigneas air laoch.
[03:13.70]Ann an Caolas Od Odrum far an coidleadh an ròn,
[03:19.20]is far nach cluinnte guth duine ach fuaim tuinne ’s glog geòidh.
[03:25.31]Hion da hion do hion da odar da
[03:31.16]Hion da hion do hion da odar da
[03:36.11]Hì o dan dao, hì o dan dao,
[03:42.44]Hì o dan dao odar da, odar da
[03:51.79]